Letra de Breisleach
Chaidh mi 'n-dé dhan choille challtainn Shireadh chnòthan airson biadh Ach 's e bh'air a h-uile geug ach D'aodann-sa gam thriall Chaidh mi 'n-dé gu tràigh a'mhaoraich Lòn de choilleagan a bhuain Nochd a h-uile slige neamhnaid D'àilleachd-sa a luaidh Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda Son do sgiùrsadh as mo cheann H-uile glainne thog mi thaom do Mhaiseachd aist'na deann Chlaon mi tràth a-raoir dhan leabaidh Thusa ruagadh as le suain Ach cha tug thu cead dhormh cadal Gus an dèanainn duan Dh'iarrainn-sa bhith saor od thòireadh Ach gu bheil sinn roinnt o chèll' Do chumadh bhith an àlt'do shamhla Agam bhios an fhèill Dh'fhàg thu mi'nam bhaothair gòrach Bòdhradh chàirdean le do chliù Nuair a thig thu chi lad nach eil Mearachd ann am fhiù Chi iad sgurr a'danns le saobh-shruth Famh is iolair' anns an ruidhl' Stamh gu caomh ag altram sùbh-làir Mireadh mu an sùil Chi lad mis'is thusa sùgradh Bil ri bil ar n-anail aoint' Cniadachadh mar seo gu sior le Chèile b'e ar maoin...