Tide Lines

Co-thràth
Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh' Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith Gu dùthaich a' mhachair, gun riasladh neo strì Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh' Ar cridhe, cridhe, Ar cridhe gu dachaigh ar cridh' Camhanaich 'g èiridh mar bhàrr air an loch A' goil le chuid èisg, a-nochd bhios 's a phoit, Na m' bhalach 's a chidsin tro ghàire is toit 'S ann dluth ris a chianalas a tha mi a-nochd Tha an t-àite seo dhomhsa mar sheanair do chloinn Le teaghlach mòr farsaing: am machair 's a bheinn O thig an droch thìde le tàirneanaich 's tuinn Ach thig sinn ri chèile le òran ri sheinn Mo ghaol tha e diongalta 's chì mi am feart Bheir turas dhomh slànachadh dealbh dhomh neart A' deilbh nan sreangan 's a' taghadh nan càird A' fighe ann an dathan le beartas nan beairte Dlùth ris an fhearann seo dìleas gu bràth Ach chunnaic i ginealaich a' dìreadh 's a dh' fhàg Nuair thig m' àm 'son fàgail 's mi 'n dòchas nach tràth Bidh rionnag a tuath deàrrsadh na mo cho-thràth. From Letras Mania